B41328 Constab for Scot Summary

Reviews
Shared by: Mimi Paco
Stats
views:
9
rating:
not rated
reviews:
0
posted:
6/7/2009
language:
English
pages:
0
Poileas a’ Chinn a Tuath Prìomh Sgrùdadh 2005 ectorate HM Insp ulary Constab of and for Scotl Geàrr-chunntas Gnìomhach agus Molaidhean Luchd-sgrùdaidh Constabalachd na h-Alba don Bhànrigh Poileas a’ Chinn a Tuath – Prìomh Sgrùdadh 2005 Geàrr-chunntas Gnìomhach agus Molaidhean Lèir-shealladh 1. Mar thoradh air sgrùdadh LSCB fhuaras fianais gu bheil Constabalachd a Chinn a Tuath a tairgsinn ìre àrd de sheirbheis do na coimhearsnachdan a tha e a frithealadh. Tha an fheachd a ruighinn cuid dhe na toraidhean coileanaidh as fheàrr anns an Rìoghachd Aonaichte agus tha dealas aca ann a bhith a’ dèanamh “tabhartas adhartach ri maitheas na Gaidhealtachd agus nan Eilean tro dhòigh-obrach fuasgladh trioblaid ann am poileasachd coimhearsnachd”. Tha an Àrd Chonstabal agus an leas-àrd-chonstabal aige a taisbeanadh ceannas ro-innleachdail soilleir agus a stiùireadh coileanadh feachd tro chunntachalachd ionadail. Tha an fheachd a faighinn taic shusbainteach bho chom-pàirtichean agus coimhearsnachdan ionadail agus tha iad a cumail suas dàimhean obrach èifeachdach aig a h-uile ìre. Bha LSCB toilichte leis an ìomhaigh chorporra làidir agus proifeiseantachd an luchd-obrach aig gach ìre agus anns gach dreuchd air feadh na sgìre feachd. Bha faireachdainn dealasach anns gach raon stiùiridh agus miann dha-rìribh an luib luchd-obrach gus adhartas a thoirt air na coimhearsnachdan ionadail aca. Prìomh Chuspairean 2. Tha LSCB air grunn mholaidhean a dhèanamh a thathas a sùileachadh a chuireas luach agus taic ri leasachadh leantainneach air taobh a-staigh Poileas a Chinn a Tuath. Thathas a moladh gun dèan an fheachd ath-bhreithneachadh air na planaichean poileasachd ionadail agus amasan obrachaidh air taobh a-staigh co-theacsa a’ Mhodal Fàisneis Nàiseanta agus gum beachdaich iad a rithist air na h-amasan eagrachaidh air taobh co-theacsa sgeama atharrachaidh stiùiridh nas fharsainge. Co-cheangailte ri stiùireadh ionmhasail, bu chòir don fheachd beachdachadh air Ro-innleachd Stiùiridh Cunnart a leasachadh a tha a gabhail asteach measadh an dà chuid air cunnartan ionmhasail agus neo-ionmhasail. Tha LSCB cuideachd air moladh gum bu chòir don fheachd teicneòlas a leasachadh gus taic a chumail ri rianachd stiùireadh eucoir agus tha iad air mothachadh do ghrunn rudan a bheir taic don fheachd ann a bhith a’ buileachadh an Inbhe Clàraidh Eucoir Albannach. Chaidh moladh a dhèanamh gum bu chòir don fheachd measadh a dhèanamh air an eallach-obrach a buntainn ri stiùireadh chiontaich feise agus ath-bhreithneachadh a dhèanamh air ìrean luchd-obrach mar a tha iad an-dràsta. Co-cheangailte ri obair com-pàirteachais, tha LSCB air moladh gum bu chòir don fheachd aithriseachd treas-phàirteach a stèidheachadh airson aithris mu eucoir cinnidh agus gràin a bhrosnachadh agus airson beachdachadh air cuid de raointean anns a phrògram trèanaidh aca a bhuannaicheadh le tabhartas bho chom-pàirtichean. 3. Fhad’s a bhathas a’ dèanamh an rannsachaidh, nochd aon chuspair a bha a togail ùidh aig ìre nàiseanta, a thuilleadh air ìre feachd. B’ e seo an sgaoileadh de dheagh chleachdadh agus leasanan a chaidh ionnsachadh bho ah-bhreithneachaidhean mòra eucorach. Tha LSCB a moladh gun rachadh dèiligeadh ris an-seo tro Chomann Àrd Oifigearan Poileas na h-Alba, (CAOPA). 4. A thuilleadh air an sin, chomharraich an sgrùdadh grunn raointean obrach a buntainn ri rudan far a bheil an fheachd an-dràst’ a leasachadh nan dòighean-obrach aca. Tha na cùisean seo aithnichte mar chuspairean cudromach airson caochladh adhbharan. Tha na leanas am measg an fheadhainn air am bithear a’ cumail sùil airson adhartas aig an ath sgrùdadh: • • • • • • poileasaidhean gabhaltais agus gluasaid planadh coimhearsnachd taigheadas poileas agus àiteachan-còmhnaidh stiùireadh tobraichean fàisneis làimhseachadh ghairmean ro-innleachd bacadh foill. Poileas a’ Chinn a Tuath – Prìomh Sgrùdadh 2005 5. A thuilleadh air na gnìomhan sònraichte seo, thèid rannsachadh a dhèanamh air grunn phròiseactan, gnìomhan agus leasachaidhean eile an uair a bhios iad deiseal tro na pròiseasan sgrùdaidh ath-bhreithneachail. Co-dhùnadh 6. Tha LSCB dhen bheachd gu bheil an fheachd comasach agus èifeachdach. Molaidhean 7. Thathas a sùileachadh as dèidh don Aithisg a bhith air a foillseachadh, gun deasaich an fheachd plana gnìomha airson na molaidhean a leanas a thoirt air adhart, agus gun tèid ath-bhreithneachadh a dhèanamh orra sin san àm ri teachd le LSCB. Poileas a’ Chinn a Tuath Moladh 1 – Tha LSCB a moladh gun dèan an fheachd ath-bhreithneachadh air clàr-innse agus structair nam planaichean poileasachd ionadail agus gun dèan iad sgrùdadh air dreuchd amasan obrachaidh air taobh a-staigh co-theacsa a’ Mhodal Fàisneis Nàiseanta (paragraf 2.11). Moladh 2 – Tha LSCB a moladh gun dèan an fheachd ath-bhreithneachadh air na pròiseasan a th’ aca an-dràst’ airson sùil a chumail agus stiùireadh a dhèanamh air amasan leasachaidh eagrachaidh air taobh a-staigh co-theacsa sgeama stiùiridh nas fharsainge airson atharrachadh (paragraf 2.17). Moladh 3 – Tha LSCB agus Sgrùdadh Alba a moladh gum bu chòir don fheachd athbhreithneachadh a dhèanamh air na rèiteachaidhean Stiùireadh Corporra a th’ aca an-dràst’ agus ro-innleachd stiùireadh cunnart a leasachadh a tha a gabhail a-steach an dà chuid cunnartan ionmhasail agus neo-ionmhasail (paragraf 4.18). Moladh 4 – Tha LSCB a moladh gum bu chòir don fheachd poileasaidh a leasachadh agus amasan a chur romhpa airson caitheamh connaidh agus stiùireadh sgudail fa chomhair iarrtasan Riaghaltas na h-Alba (paragraf 4.24). Moladh 5 – Tha LSCB a moladh gun dèan an fheachd ath-bhreithneachadh air na pròiseasan airson rianachd stiùireadh eucoir agus gun leasaich iad teicneòlas fiosrachaidh gus taic a chumail an dà chuid ri stiùireadh eucoir feachd agus ionadail (paragraf 5.4). Moladh 6 – Tha LSCB a moladh gun dèilig an fheachd ris na molaidhean a chaidh a dhèanamh co-cheangailte ri buileachadh an Inbhe Clàraidh Eucoir Albannach (paragraf 5.13). Moladh 8 – Tha LSCB a moladh gun gabh an fheachd measadh os làimh air an eallach-obrach an-dràst’ agus san àm ri teachd airson stiùireadh chiontaich feise agus gun dèan iad athbhreithneachadh air ìrean luchd-obraich gus dèanamh cinnteach gu bheil iad iomchaidh (paragraf 5.46). Moladh 9 – Tha LSCB a moladh gun stèidhich an fheachd sgeamaichean aithris treasphàirteach, ann an com-pàirt ri aonadan roinn phoblaich no saor-thoileach eile, airson dòigh aithris eile a thairgsinn airson tachartasan gràin-cinnidh no eucoir gràineil (paragraf 5.50). Moladh 10 – Tha LSCB a moladh gun dèan an fheachd ath-bhreithneahadh air a’ phrògram trèanaidh aca agus gum beachdaich iad de na raointean a bhuannaicheadh bho thabhartasan bho aonadan com-pàirtiche (paragraf 5.52). Moladh 11 – Tha LSCB a moladh gun dèan an fheachd ath-bhreithneachadh air na rèiteachaidhean aca airson cumail suas sgilean agus eòlas Comanndairean Buill-airm Rangachail (paragraf 5.74). Poileas a’ Chinn a Tuath – Prìomh Sgrùdadh 2005 Comann Àrd Oifigearan Poileas na h-Alba (CAOPA) Moladh 7 – Tha LSCB a moladh gun leasaich CAOPA pròiseasan gus deagh chleachdadh no leasanan a sgaoileadh a chaidh ionnsachadh bho ath-bhreithneachadh air rannsachaidhean mòra eucorach (paragraf 5.22). Liosta de Raointean ri ath-bhreithneachadh aig an ath Sgrùdadh Beachdaichidh LSCB air sgrùdadh a dhèanamh air na raointean a leanas aig an sgrùdadh athbhreithneachail: 1. 2. Buileachadh nan ro-innleachdan stòras daonna ùra (paragraf 3.2). Cur an cèill poileasaidhean gluasaid agus gabhaltais (paragraf 3.8). 3. Am Frèam-obrach Ro-innleachdail airson iomairtean planadh coimhearsnachd a thogail (paragraf 4.8). 4. 5. 6. Ath-bhreithneachadh Ioma-Bhuidhneach air taigheadas poileas (paragraf 4.19). Ath-bhreithneachadh Luach as Fheàrr air Stiùireadh Fiosrachaidh (paragraf 4.31). Leasachaidhean ann an stiùireadh tobraichean fàisneis (paragraf 5.25). 7. Adhartas mu choinneamh molaidhean bhon Aithisg air an sgrùdadh pìolat air seirbheisean airson clann agus daoine òga a dhìon ann an sgìre na Gaidhealtachd agus an Sgrùdadh air Cùram agus Dìon Chloinne anns na h-Eileanan an Iar (paragrafan 5.33 and 5.34). 8. Buileachadh agus buannachdan gnothachais bhon Phrògram Leasachaidh Conaltraidh Amalaichte agus na rèiteachaidhean ùra airson làimhseachadh ghairmean, (paragraf 5.91). 9. Leasachadh Ro-innleachd Bacadh Foill (paragraf 5.106). Liosta de Dheagh Chleachdadh Tha LSCB dhen bheachd gu bheil na rudan a leanas nan eisimpleir de dheagh chleachdadh: Amalachadh stiùireadh coileanaidh ri ath-bhreithneachadh coileanaidh fa leth 1. (paragraf 2.12). 2. 3. Cleachdadh ionnsachadh sùbailte air feadh na feachd (paragraf 3.16). A toirt a-steach seiminearan ioma-bhuidhneach (paragraf 4.3). 4. Cleachdadh uidheamachd lèir-chlaisteach airson taic a chumail ri coinneamhan na Buidhne Gnìomha agus Co-òrdanachaidh (paragraf 5.2). 5. A toirt a-steach teicneòlas guth-banca airson aithisgean fàisneis a chur air an Stòrdàta Fàisneis Albannach (paragraf 5.28). A toirt a-steach Carbad Dà Adhbhrach a ghabhas cleachdadh ann an dreuchd 6. poileasachd rathaid àbhaisteach ach le comas freagairt ri tachartasan buill-airm cuideachd (paragraf 5.73). 7. Leasachadh luchd-obrach nam meadhanan tro fo-fhastadh gu buidhnean air an taobh a-muigh (paragraf 5.107). Astron B41328 11/05

premium docs
Other docs by Mimi Paco
Interview Questions to Ask Job Candidates1
Views: 903  |  Downloads: 90
Checklist for purchasing used vehicles
Views: 364  |  Downloads: 10
Disagreement With Vendor Charges Letter
Views: 422  |  Downloads: 3
90 Day Cash Needs
Views: 647  |  Downloads: 24
Board Makes a Resolution Without Holding Meeting
Views: 206  |  Downloads: 3
Adopt Articles and Appoint Directors
Views: 203  |  Downloads: 4
Customer Product Thank You Letter
Views: 929  |  Downloads: 21