Docstoc

Application Form Here Gaelic Version Ris

Document Sample
Application Form Here Gaelic Version  Ris Powered By Docstoc
					                     ANN AN DÌOMHAIREACHD AN DÈIDH A LÌONADH

                                                              Àireamh-bratha
                                                              Cleachdadh   oifigeil
                                                             a-mhàin

Iarrtas gu: Bòrd na Gàidhlig

Iarrtas airson dreuchd mar: Ball


Cha bhi Pàirt A den fhoirm-iarrtais air fhaicinn leis a’ phannal taghaidh.

Thèid lethbhreac/sganadh a dhèanamh air an fhoirm agad is thèid a leughadh leis
a’ phannal an uair sin. Mar sin tha e cudromach gum bi e furasta a leughadh. Lìon
a-steach an fhoirm seo ann an riochd dealaineach, no ma lìonas tu e nad làmh-
sgrìobhaidh, ann an ionc dubh.

                  PÀIRT A: FIOSRACHADH PEARSANTA

 Cinneadh:                                        Tiotal:
 Ciad
 Ainm(ean):
 (cuir loidhne fon ainm air an aithnichear thu)



 Seòladh Dachaigh:




 Còd-puist
 Àireamh Fòn:                                         Fòn-
                                                      làimhe:
 Àir./Fòn
 Gnothachais
 Post-d:


 Seòladh airson
 Litrichean (ma tha
 e eadar-
 dhealaichte:
 Còd-puist
 Àireamh Fòn:




                                             1
                    ANN AN DÌOMHAIREACHD AN DÈIDH A LÌONADH

                                                      Àireamh-bratha
                                                      Cleachdadh   oifigeil
                                                     a-mhàin


                           PÀIRT A: DEARBHADH
Tha mi a’ dearbhadh gu bheil am fiosrachadh a thug mi an lùib m’ iarrtais, cho fad
’s is aithne dhomh, fìor agus iomlan. Tha mi a’ tuigsinn, ma gheibhear a-mach an
dèidh làimhe gu bheil aithris sam bith neo-fhìor no meallta, no ma chùm mi air ais
fiosrachadh iomchaidh, gum faodar m’ iarrtas a dhì-cheadachadh.

Tha mi a’ tuigsinn gum bi gach sgrìobhainn co-cheangailte ris a’ chuairt fastaidh air
a chumail le Riaghaltas na h-Alba airson dà bhliadhna às dèidh an cur an dreuchd
airson adhbharan sgrùdaidh agus/no rannsachadh ghearan. Tha mi a’ tuigsinn ma
bhios m’ iarrtas soirbheachail, gum bi e air a chumail fhad ’s a bhios mi san
dreuchd. Tha mi ag aontachadh gum faodar sgrìobhainnean sam bith a thig às a’
chuairt fastaidh seo a shealltainn do Choimiseanair Dhreuchdan Poblach na h-Alba
no neach sam bith ag obair às leth a’ Choimiseanair, cho fad ’s a dh’fheumar sin
gus dèanamh cinnteach gum bi am pròiseas cur an dreuchd cothromach.

Fo chumhachan Achd Dìon Dàta 1998, tha mi ag aontachadh gum faodar dèiligeadh
ris an fhiosrachadh a tha air a thoirt san earrann fiosrachadh pearsanta den fhoirm-
iarrtais gus fiosrachadh rianachd a thoirt airson adhbharan cur an dreuchd. Tha mi
a’ tuigsinn nach tèid am fiosrachadh pearsanta agam fhoillseachadh gu poblach
mur tèid mo chur an dreuchd.

Ainm-sgrìobhte______________________           Ceann-là

Ma bhios d’ iarrtas air a chur a-steach air post-d fàg àite an ainm-sgrìobhte
bàn.   Feumaidh tu d’ ainm a chur ris an iarrtas seo ma bhios tu
soirbheachail



’S e an ceann-là dùnaidh airson iarrtasan fhaighinn air no ro DIHAOINE, 13
Lùnastal 2010.


Faodar iarrtasan air an lìonadh a thilleadh                 air    post-dealain   gu
paapplicationsmailbox@scotland.gsi.gov.uk

An seòladh puist:
Riaghaltas na h-Alba
HR Dreuchdan Poblach
Saughton House (E1 spur)
Broomhouse Drive
Dùn Èideann
EH11 3XD

Saor-fòn: 0800 015 8449
Facs: 0131 244 6531


                                         2
                      ANN AN DÌOMHAIREACHD AN DÈIDH A LÌONADH

                                                            Àireamh-bratha
                                                            Cleachdadh   oifigeil
                                                           a-mhàin


             PÀIRT B: FÈIN-MHEASADH – FREAGARRACHD

Bidh am pàirt seo den fhoirm iarrtais air fhaicinn leis a’ Phannal Taghaidh.

’S dòcha gun cuir sinn fios thugad airson soilleireachadh no tuilleadh
fiosrachaidh mu na tha san iarrtas agad.

Thoir sùil air an earrann Sgilean agus Eòlas sa Mion-chomharrachadh Pearsa an cois
seo. Cleachd am foirm seo gus sealltainn gu bheil na sgilean agus eòlas a dh’iarr sinn
agad.    Cleachd eisimpleirean bhon bheatha-obrach agad, tro chom-pàirteachadh le
buidheann prìobhaideach, poblach, saor-thoileach no coimhearsnachd, agus/no raointean
eile den bheatha phearsanta agad.

Tha seo na phàirt fìor chudromach den iarrtas agad. Mur dèilig thu ri na slatan-tomhais
riatanach uile bidh e doirbh don phannal taghaidh d’ iarrtas a mheasadh agus ’s dòcha
nach urrainn dhuinn cuireadh a thoirt dhut gu agallamh. Tha sinn cuideachd airson gun
can thu rudeigin mu choinneamh gach earrann sna slatan-tomhais feumail. Cha tig am
pannal taghaidh gu beachdan – mar eisimpleir bho thiotal obrach – a thaobh nan
sgilean agus an eòlais a tha thu air fhaighinn.

Mus tèid beachdachadh ort airson agallamh, feumaidh tu coinneachadh ri na slatan-
tomhais riatanach uile san liosta air na duilleagan a leanas.

Ullachadh air a mholadh

   Thoir greis a’ smaoineachadh mu gach slat-tomhais.
   Smaoinich mu na suidhichidhean san robh thu an sàs a bhuineas do na slatan-tomhais.
   Smaoinich air ciamar a nochd do ghnìomhan/eòlasan sna suidhichidhean sin na slatan-
    tomhais.
   Ullaich do fhreagairtean, a’ freagairt nan ceistean uile san liosta fo gach slat-tomhais.

A’ sgrìobhadh d’ eisimpleirean

   Bi soilleir agus goirid. ’S dòcha gun tèid iarraidh ort leudachadh air do fhreagairtean
    aig agallamh.
   Ann an sgrìobhadh d’ eisimpleirean, cleachd am beàrn san fhoirm. Ma dh’fheumas tu
    bileagan a bharrachd, dèan cinnteach gun seall iad gu soilleir dè an earrann dom buin
    iad.
   Dèan cinnteach gun toir thu eisimpleirean sònraichte airson gach slat-tomhais, a’
    mìneachadh tachartasan sònraichte seach cunntas farsaing air na bhios tu a’ dèanamh
    sa chumantas.
   Cleachd eisimpleirean as fheàrr a sheallas do sgilean, eòlas no comasan san raon sin,
    ach feuch ri eisimpleirean eadar-dhealaichte a chleachdadh thar nan diofar shlatan-
    tomhais gus farsaingeachd eòlais a nochdadh.
   Sgrìobh dè rinn THUSA– cleachd “mi” chan e “sinn”.
   Innis an toradh – dè thachair?
   Far a bheil eòlas air iarraidh, mìnich ciamar a fhuair agus/no a chleachd thu an t-eòlas
    seo.




                                              3
                ANN AN DÌOMHAIREACHD AN DÈIDH A LÌONADH

                                                 Àireamh-bratha
                                                 Cleachdadh   oifigeil
                                                a-mhàin


Dearbh gu bheil thu a’ còmhnaidh no
ag obair an Alba                          THA




                                      4
                       ANN AN DÌOMHAIREACHD AN DÈIDH A LÌONADH

                                                           Àireamh-bratha
                                                           Cleachdadh   oifigeil
                                                          a-mhàin
SLATAN-TOMHAIS RIATANACH
Thoir dà eisimpleir aig a’ char as lugha a tha a’ nochdadh do chomas air obrachadh gu h-
èifeachdach aig ìre ro-innleachdail.

      Dè an suidheachadh a bha ann?
      Dè na sgilean a chleachd thu?
      Dè thachair agus dè chuir thusa ris?




Thoir dà eisimpleir aig a’ char as lugha a tha a’ nochdadh do dhealas airson taic agus
adhartachadh na Gàidhlig a rèir prìomh phoileasaidhean agus amasan Bòrd na Gàidhlig.

      Dè   an suidheachadh/cùis a bha ann?
      Dè   na sgilean a chleachd thu?
      Dè   na prìomh phoileasaidhean agus amasan aig Bòrd na Gàidhlig don tug seo taic?
      Dè   thachair agus dè chuir thusa ris?




                                              5
                      ANN AN DÌOMHAIREACHD AN DÈIDH A LÌONADH

                                                         Àireamh-bratha
                                                         Cleachdadh   oifigeil
                                                        a-mhàin
SLATAN-TOMHAIS RIATANACH
Thoir dà eisimpleir aig a’ char as lugha a tha a’ nochdadh fianais air ceannas agus
breithneachadh ann an dèanamh co-dhùnaidhean.

     Dè   an suidheachadh a bha ann?
     Dè   na sgilean ceannais a chleachd thu?
     Dè   na sgilean a chleachd thu ann am breithneachadh?
     Dè   thachair agus dè chuir thusa ris?




                                            6
                     ANN AN DÌOMHAIREACHD AN DÈIDH A LÌONADH

                                                         Àireamh-bratha
                                                         Cleachdadh   oifigeil
                                                        a-mhàin

Thoir dà eisimpleir aig a’ char as lugha a tha a’ nochdadh an eòlais agad air co-dhiù a h-
aon de na leanas:

          1. Siostaman sgrùdaidh, ionmhais agus cunntasachd
      Dè am mothachadh a tha agad air cùisean ionmhais agus rianachd coileanaidh?
      Ciamar a chaidh thu timcheall air mìneachadh agus ceasnachadh aithisgean ionmhais
       agus dàta air coileanadh?
      Dè na sgilean a chleachd thu?
      Dè thachair agus dè chuir thusa ris?

          2. Foghlam Gàidhlig
      Dè an suidheachadh a bha ann agus cò bha an sàs ann?
      Dè na sgilean a chleachd thu?
      Dè thachair agus dè chuir thusa ris?


          3. Modhan èifeachdach airson leasachadh agus dealbhadh mhion-chànain
      Dè an suidheachadh a bha ann agus cò bha an sàs ann?
      Dè na sgilean a chleachd thu?
      Dè thachair agus dè chuir thusa ris?




                                           7
                      ANN AN DÌOMHAIREACHD AN DÈIDH A LÌONADH

                                                       Àireamh-bratha
                                                       Cleachdadh   oifigeil
                                                      a-mhàin
Cuir a-steach eisimpleirean air mar a choinnich thu ri gach slat-thomhais fheumail
san liosta gu h-ìosal.

SLATAN-TOMHAIS FEUMAIL
  Thoir mìneachadh air an eòlas is an comas agad a thaobh fileantachd is
  litearrachd ann an Gàidhlig na h-Alba.




Thoir dà eisimpleir aig a’ char as lugha a tha a’ nochdadh eòlas air obrachadh leis an
Riaghaltas agus a’ Phàrlamaid.

      Dè an suidheachadh a bha ann?
      Dè na sgilean a chleachd thu?
      Dè thachair agus dè chuir thusa ris?




                                              8
                     ANN AN DÌOMHAIREACHD AN DÈIDH A LÌONADH

                                                        Àireamh-bratha
                                                        Cleachdadh   oifigeil
                                                       a-mhàin

SLATAN-TOMHAIS FEUMAIL
Thoir dà eisimpleir aig a’ char as lugha a tha a’ nochdadh gu bheil sgilean conaltraidh
matha agad agus comas obrachadh ann an sgioba

      Dè an suidheachadh a bha ann agus cò bha an sàs ann?
      Ciamar a fhreagarraich thu do stoidhle phearsanta?
      Dè a’ bhuaidh a thug thu air an t-suidheachadh?
      Dè thachair agus dè chuir thusa ris?




                                           9
                     ANN AN DÌOMHAIREACHD AN DÈIDH A LÌONADH

                                                          Àireamh-bratha
                                                          Cleachdadh   oifigeil
                                                         a-mhàin


                      PÀIRT C: EACHDRAIDH BEATHA

Bidh am pàirt seo den fhoirm iarrtais air fhaicinn leis a’ Phannal Taghaidh.

Tha seo na phàirt fìor chudromach den iarrtas agad cuideachd. Nuair a bhios tu a’ lìonadh
na h-earrainn seo, bu chòir dhut coimhead ris a’ Mhion-chomharrachadh Pearsa a tha
na chois.

Tha an earrann seo a’ toirt cothrom do thagraichean dreuchdan a bha aca a
chomharrachadh – an dara cuid bhon bheatha obrach agus/no phearsanta aca, no tro
chom-pàirteachadh    le    buidheann     prìobhaideach,   poblach,    saor-thoileach    no
coimhearsnachd – a tha air sgilean agus eòlas a bhuineas don obair seo a thoirt dhaibh.


EACHDRAIDH BEATHA: Thoir fiosrachadh mu dhreuchd(an) a bha agad; thoir
geàrr-thuairisgeul air do dhleastanasan; agus comharraich ciamar a thug an
dreuchd dhut sgilean agus eòlas a tha a’ maidseadh gin de na slatan-tomhais air
an ainmeachadh sa mhion-chomharrachadh pearsa.




                                           10
                      ANN AN DÌOMHAIREACHD AN DÈIDH A LÌONADH

                                                         Àireamh-bratha
                                                         Cleachdadh   oifigeil
                                                        a-mhàin




Strì eadar Com-pàirtean
A bheil thu mothachail air strì eadar com-pàirtean sam bith a dh’fhaodadh èirigh an dara
cuid gu pearsanta, co-cheangailte ri d’ obair no a thaobh do cheanglaichean ri daoine no
buidhnean sam bith ma gheibh thu an dreuchd?

Sa chumantas chan eil strì eadar com-pàirtean a’ bacadh cur an dreuchd cho fad ’s a tha e
air a rianachd gu h-iomchaidh agus/no air fhuasgladh agus bidh seo air a rannsachadh aig
agallamh.

Tha          Chan eil

Ma thuirt thu tha, thoir mìneachadh:




                                           11
                         ANN AN DÌOMHAIREACHD AN DÈIDH A LÌONADH

                                                                    Àireamh-bratha
                                                                    Cleachdadh   oifigeil
                                                                   a-mhàin

                         FOIRM SGRÙDAIDH DHREUCHDAN POBLACH

Carson a lìonar am foirm seo?
Tha sinn airson gun seall na daoine air an cur ann an dreuchdan poblach sluagh measgaichte na h-Alba
agus mar sin tha e cudromach gum bi cothroman airson ballrachd air bùird fosgailte do na h-uile. Gus
ar cuideachadh ga choileanadh, tha e cudromach gum faigh sinn dàta ceart agus iomlan bho gach
tagraiche co-cheangailte ri gnè, cinneadh, creideamh, ciorram agus fiosrachadh iomchaidh eile. Tro
lìonadh an fhoirm seo bidh thu a’ toirt dhuinn fiosrachadh a chleachdas sin ann an dìomhaireachd gus
am modh cur an dreuchd a sgrùdadh agus a leasachadh.

Tha sinn a’ daingneachadh gum bi am fiosrachadh a bheir thu seachad san fhoirm seo air a
làimhseachadh gu dìomhair.

Dè thachras don fhiosrachadh a bheir thu air an fhoirm seo?
Tha am fiosrachadh san fhoirm seo air a thoirt às an fhoirm iarrtais agus air a ghleidheadh gu tèarainte
nar stòr-dàta sgrùdaidh dhìomhair. Chan eil am fiosrachadh a gheibh sinn air a chleachdadh sa mhodh
taghaidh. Bidh an dàta air a mhion-sgrùdadh gus gluasadan no easbhaidhean a chomharrachadh agus
bheir e cothrom dhuinn adhartas a thomhas ri ar n-amasan iomadachd.

Bidh gach fiosrachadh a thèid a chruinneachadh air a chumail gu tur dìomhair agus bidh dàta pearsanta
nan tagraichean air a dhìon. Bidh sinn a’ foillseachadh fiosrachadh mu chur ri chèile bùird bhuidhnean
poblach air an làrach-lìn againn aig http://www.appointed-for-scotland.org/About-public-bodies/NDPB-
Directory/. ’S dòcha gum bi am fiosrachadh staitistig a thèid a chruinneachadh bho na foirmean
sgrùdaidh air a chleachdadh cuideachd ann am freagairt cheistean Pàrlamaideach agus ceistean no
aithisgean poblach eile. Bidh fiosrachadh staitistig air a thoirt gu cunbhalach cuideachd le Riaghaltas na
h-Alba gu Oifis Coimiseanair nan Dreuchdan Poblach an Alba gus adhartas a thomhas ann am
meudachadh nan diofar dhaoine a tha a’ cur a-steach iarrtasan agus air an cur an dreuchd. Ach cha
nochd pàirt sam bith den dàta pearsanta agad.

Ciamar a bha na ceistean san fhoirm seo air an dealbh agus air an taghadh?
Bhonntaich sinn grunn cheistean air a’ chruth a tha air a mholadh airson an ath Chunntas-sluaigh. Tha e
a’ dèanamh ciall dhuinn seo a dhèanamh, oir tha an Cunntas-sluaigh a’ toirt dàta bunaiteach a
dh’fhaodas sinn a chleachdadh gus faighinn a-mach a bheil na daoine a tha a’ cur airson dreuchdan
poblach a’ nochdadh sluagh na h-Alba san fharsaingeachd. Tha sinn air comhairle a chur ri buidhnean
co-ionannachd mu chruth nan ceistean.

Mar a chleachdar am foirm seo
Chaidh am foirm a dhealbh airson a bhith ri fhaotainn le raon thagraichean measgaichte agus gus am
faigh tagraichean air an fhoirm a lìonadh air-loidhne. Cleachd iuchair F11 gus “x” a chur mu choinneamh
a’ bhogsa cheart. No ’s dòcha gum b’ fheàrr leat lethbhreac a chlò-bhualadh, a lìonadh ann an làmh-
sgrìobhaidh agus a thilleadh còmhla ris an fhoirm iarrtais air a lìonadh.




                                                   12
                        ANN AN DÌOMHAIREACHD AN DÈIDH A LÌONADH

                                                               Àireamh-bratha
                                                               Cleachdadh   oifigeil
                                                              a-mhàin
Airson gach ceist air an fhoirm seo, bu chòir dhut aon bhogsa a-mhàin a thaghadh (ach a-mhàin
airson ceist 4 far am feum thu gin sam bith a bhuineas dhut a thaghadh)

Ceist 1 – Gnè?

   Fireann
   Boireann
   B’ fheàrr leam gun a ràdh

Ceist 2 – Bliadhna breith? (Cuir a-steach e sa chruth xxxx me 1963)

Sgrìobh an seo e:

   B’ fheàrr leam gun a ràdh

Ceist 3 – Buidheann cinneachail?

Tagh AON earrann bho A gu F as fheàrr a mhìnicheas do bhuidheann no dualchas cinneachail, agus an
uair sin tagh AON bhogsa taobh a-staigh na h-earrainn sin.

A Geal
    Albannach
   Sasannach
   Cuimreach
   Èireannach (Ceann a Tuath)
   Breatannach
   Èireannach
   Siopsach/neach-siubhail
   Pòlach
   Buidheann cinneachail geal eile, sgrìobh a-steach e:

B Buidhnean cinneachail measgaichte no ioma-bhuidheann
  Buidhnean cinneachail measgaichte no ioma-bhuidheann sam bith, sgrìobh a-steach e

C Àisianach, Àisianach Albannach no Àisianach Breatannach
  Pagastànach, Pagastànach Albannach no Pagastànach Breatannach
    Innseanach, Innseanach Albannach no Innseanach Breatannach
    Bangladaisi, Bangladaisi Albannach no Bangladaisi Breatannach
    Sìonach, Sìonach Albannach no Sìonach Breatannach
    Eile, sgrìobh a-steach e :

D Afragànach, Cairibianach no Dubh
  Afragànach, Afragànach Albannach no Afragànach Breatannach
   Cairibianach, Cairibianach Albannach no Cairibianach Breatannach
    Eile, sgrìobh a-steach e :




                                                 13
                          ANN AN DÌOMHAIREACHD AN DÈIDH A LÌONADH

                                                                     Àireamh-bratha
                                                                     Cleachdadh   oifigeil
                                                                    a-mhàin
E Buidheann cinneachail eile
    Arabach
    Eile, sgrìobh a-steach e:

F   B’ fheàrr leam gun a ràdh
    B’ fheàrr leam gun a ràdh

Ceist 4 – Tha Achd Leth-breith Ciorraim 1995 (DDA) a’ dìon dhaoine ciorramach. Tha an DDA a’
mìneachadh neach mar ciorramach ma tha trioblaid cuirp no inntinn aca, a tha seasmhach agus fad-
ama (i.e. air mairsinn no an dùil mairsinn 12 mìos aig a’ char as lugha) agus aig a bheil droch bhuaidh
air comas an neach sin dleastanasan làitheil àbhaisteach a choileanadh.

A bheil gin de na trioblaidean a leanas ort a tha air mairsinn, no an dùil mairsinn, 12 mìos aig a’
char as lugha?
 Tagh a h-uile gin a bhuineas dhut

    Buidhre no fìor thrioblaid claisneachd
    Trioblaid fradhairc
    Ciorram corporra (trioblaid a tha a’ cur bacadh air aon no barrachd de ghnìomhan corporra
     bunaiteach mar coiseachd, dìreadh staidhre, togail no giùlan)
    Ciorram ionnsachaidh (mar Down’s syndrome)
    Duilgheadas ionnsachaidh (mar dyslexia no dyspraxia)
    Trioblaid slàinte inntinn (mar trom-inntinn no schizophrenia)
    Tinneas maireannach (mar aillse, HIV, tinneas an t-siùcair, tinneas cridhe no an tinneas tuiteamach)
    Trioblaid eile, sgrìobh a-steach e:

    Chan eil
    B’ fheàrr leam gun a ràdh

A bheil an obair làitheil agad cuingichte mar thoradh air duilgheadas no ciorram slàinte a tha air
mairsinn, no an dùil mairsinn, 12 mìos aig a’ char as lugha?

    Tha, gu math cuingichte
    Tha, cuingichte gu ìre

    Chan eil
    B’ fheàrr leam gun a ràdh




                                                    14
                         ANN AN DÌOMHAIREACHD AN DÈIDH A LÌONADH

                                                                 Àireamh-bratha
                                                                 Cleachdadh   oifigeil
                                                                a-mhàin
Ceist 5 – Dè an creideamh, no buidheann creideimh dom buin thu?

   Chan eil gin
   Eaglais na h-Alba
   Caitligeach
   Crìosdail eile
   Muslamach
   Bùdach
   Sic
   Iùdhach
   Iondùach
   Pàganach
   Creideamh eile, sgrìobh a-steach e :

   B’ fheàrr leam gun a ràdh

Ceist 6 – Ciamar a mhìnicheadh tu do chlaonadh gnèitheach

   Dà-ghnèitheach
   Fireannach co-ghnèitheach
   Boireannach cho-ghnèitheach/leasbach
   Iol-ghnèitheach/dìreach
   Eile

   B’ fheàrr leam gun a ràdh

Ceist 7 – Dè as fheàrr a mhìnicheas d’ inbhe obrach aig an àm seo?
 Tagh am fear as freagarraiche

   Ag obair do fhastaiche
          Suas gu 30 uairean     30 + uairean
   Air mo cheann fhìn no neo-eisimeileach
   Air mo dhreuchd a leigeil dhìom (eadar gu bheil peinnsean agad no nach eil)
   Oileanach Làn-ùine
   A’ coimhead às dèidh na dachaigh no na teaghlaich làn-ùine
   Tinn no ciorramach fad-ùine
   A’ dèanamh obair phàighte de sheòrsa sam bith eile. Faodaidh tu mìneachadh a thoirt:
   Chan eil gin dhiubh. Faodaidh tu mìneachadh a thoirt:

   B’ fheàrr leam gun a ràdh




                                                15
                        ANN AN DÌOMHAIREACHD AN DÈIDH A LÌONADH

                                                                  Àireamh-bratha
                                                                  Cleachdadh   oifigeil
                                                                 a-mhàin

Ceist 8 – Dè an earrann sa bheil thu ag obair aig an àm seo - (no an earrann mu dheireadh san
robh thu ag obair mur eil thu ann an obair phàighte aig an àm seo?

    Poblach
    Prìobhaideach
    Saor-thoileach
    Eile, sgrìobh a-steach e :

    B’ fheàrr leam gun a ràdh

Ceist 9 – Dè an teachd-a-steach a tha aig an teaghlach?

Tha am fiosrachadh seo feumail oir tha e a’ toirt cothrom dhuinn comharrachadh dè a’ bhuaidh a tha aig
teachd-a-steach air iarrtasan airson dreuchdan air a’ bhòrd a tha a’ toirt tuarastal an coimeas ri
dreuchdan gun tuarastal.

Dè an teachd-a-steach iomlan a chanadh tu a th’ aig do theaghlach bho gach tùs (thoir suim iomlan ro
chìsean)?

Gach Seachdain                                Gach Bliadhna
Nas lugha na £100                            nas lugha na £5 200
£100 gu £199                                 £5 200 gu £10 399
£200 gu £299                                 £10 400 gu £15 599
£300 gu £499                                 £15 600 gu £25 999
£500 gu £699                                 £26 000 gu £36 399
£700 gu £949                                 £36 400 gu £49 399
£950 to £1 199                               £49 400 gu £62 399
£1 200 gu £1 499                             £62 400 gu £77 999
£1 500 no barrachd                           £78 000 no barrachd

B’ fheàrr leam gun a ràdh

Ceist 10 – Càit a bheil thu a’ fuireach?

A bheil do sheòladh maireannach ann an Alba?

    Tha
    Chan eil
    B’ fheàrr leam gun a ràdh

Ma thuirt thu tha, innis dhuinn ainm do chomhairle ionadail (me Cathair-bhaile Obar Dheathain, Fìobha,
Lodainn an Iar).

Ainm na comhairle ionadail, sgrìobh a-steach e :




                                                   16
                         ANN AN DÌOMHAIREACHD AN DÈIDH A LÌONADH

                                                                    Àireamh-bratha
                                                                    Cleachdadh   oifigeil
                                                                   a-mhàin




Ceist 11 - Sanasachd agus Follaiseachd

Gus am faigh sinn air ar n-iomairtean sanasachd agus follaiseachd a rianachd gu h-èifeachdach
san àm ri teachd, innis dhuinn càit an cuala tu mun dreuchd bàn seo.

    Làrach-lìn Dhreuchdan Poblach
    Làrach-lìn Buidheann Poblach
    Làrach-lìn Eile, ainmich ________________________________________________________
    Tachartas; ainmich an tachartas _____________________________________________________
   Pàipear-naidheachd; ainmich am pàipear
________________________________________________
   Bòrd Obraichean Air-loidhne; ainmich am bòrd obraichean
________________________________________
   Eile, sgrìobh a-steach e:

    B’ fheàrr leam gun a ràdh




Ceist 12 – Rannsachadh Iomadachd
Tha Coimiseanair Dhreuchdan Poblach na h-Alba an sàs ann an rannsachadh leantaineach ann an
iomadachd an luchd-tagraidh is ann an cothromachd an dòigh sa bheilear a’ dèiligeadh ri luchd-tagraidh
a tha a’ com-pàirteachadh anns a’ phròiseas cur an dreuchd. A bheil thu deònach leigeil le oifis a’
Choimiseanair brath a chur thugad gus do bheachdan a thoirt air na taobhan sin den phròiseas?

Cuir strìochag sa bhogsa iomchaidh.
Tha                   Chan eil



Ainm:


Ceann-là:


Ainm na Buidhne Poblaich airson a bheil an t-iarrtas/ath-iarrtas agad:




                                                   17

				
DOCUMENT INFO
Shared By:
Categories:
Stats:
views:10
posted:12/31/2010
language:
pages:17
Description: Application Form Here Gaelic Version Ris