Blogging_tcm4-421640

Reviews
Shared by:
Anonymous
Categories
Tags
Stats
views:
1686
downloads:
1
rating:
not rated
reviews:
0
posted:
11/12/2007
language:
UNKNOWN
pages:
0
18 an t-Ogmhios, 2007 CO-LABHAIRT AIRSON TIDSEARAN URA A’ CRUTHACHADH BLOG Dè th’ ann am Blog? Leabhar-aithris air an eadar-lìon. Tha’n duine as leis am blog a’ sgrìobhadh teachdaireachd agus faodaidh daoine eile beachd fhàgail. Mar sin, tha conaltradh a’ dol air adhart. Tha ‘n teicneòlas a-nis cho soirbh ‘s gur e dòigh soirbh, sgiobalta th’ ann air duilleag fhaighinn air an eadar-lìon. Carson a Chleachdadh Sibh Blog? Seo beachd no dhà:    Dh’fhaodadh dà sgoil a bhith ag obair còmhla agus cothrom a thoirt dha na sgoilearan a bhith a’ sgrìobhadh dha chèile. Ma chaidh obair a thoirt dha na sgoilearan pìos a sgrìobhadh mu dheidhinn, can, leabhar a leugh iad, dh’fhaodadh iad blog a chleachdadh. Dh’fhaodadh tidsear clàr a chumail den obair-dachaigh a th’ aig a chlas ri dhèanamh. Mar a bheil e sgrìobhte aig sgoilear, nò ma tha sgoilear dheth tinn, dh’fhaodadh e sùil a thoirt air am blog. Ciamar a tha thu a’ tòiseachadh? Tha tòrr hosts ann a tha saor an asgaidh. Tha liosta dhiubh an seo: http://www.e-learningcentre.co.uk/eclipse/vendors/weblogging.htm Tha mise air http://www.blogger.com agus http://www.wordpress.com a chleachdadh agus mholainn cuideachd http://edublogs.org. (Airson eisimpleir, faicibh http://edu.blogs.com/ ). Feumaidh sibh ainm agus pas-fhacal a chruthachadh dhuibh fhèin. Mar as trice, dh’iarrainn oirbh ainm sam bith a chleachdadh an dràsta agus am blog a sgrios nuair a tha sinn ullamh ach ‘s fhiach beachdachadh air ainm ceart. Carson?   Tha cuid de hosts nach eil a sgrios chunntasan gu bràth. Tha iad a’ moladh nach bithear a’ sgrios blog air eagal ‘s gun cleachd spammers e. Bu chòir an t-ainm a bhith soirbh a chleachdadh, a thaidhpeadh agus a chuimhneachadh. Bidh an luchd-cleachdaidh a’ taidhpeadh a-staigh ainm.blogger.com. ‘S dòcha nach biodh sibhse, mar thidsearan, ag iarraidh ar ciad ainm a chleachdadh, mar eisimpleir. Chleachd mise GALbatharbog airson aon (http://GALbatharbog.wordpress.com) 1 Morag NicDhòmhnaill, Gàidhlig Air-loidhne 18 an t-Ogmhios, 2007 CO-LABHAIRT AIRSON TIDSEARAN URA Mar sin, smaoinichibh air ainm a bhiodh freagarrach airson a’ Bhlog agus tòisichidh sinn. A’ cleachdadh browser sam bith, taidhp a-steach www.blogger.com Dean cliog air an saighead mòr orains agus thèid sibh gu duilleag far a bheil agaibh ris an seòladh post-dealain is eile a chur a-steach. An uair sin, thèid sibh gu duilleag eile far a bheil agaibh ri tiotal a chur air am Blog agus facal leth-char goirid airson an seòladh aige. Taghaibh an seòrsa dreach as fhearr leibh air an ath dhuilleag agus bu chòir gum faic sibh an uair sin duilleag eile ag innse gu bheil sibh ullamh. Dean cliog air Start Posting agus taidhp teachdaireachd a’ cur fàilte air dhaoine agus ag innse carson a thòisich sibh air blogadh. Nuair a tha sibh ullamh, dèanaibh cliog air Publish Post agus, an sin, View Post. Ciamar a chuireas mi dreach ceart air a’ Bhlog? Ma tha sibh a’ coimhead air am Blog agaibh, is sibh ag iarraidh atharrachadh, chì sibh gu h-àrd Customise. Nuair a ni sibh cliog air sin, ‘s urrainn dhuibh template eile a thaghadh agus rudan eile atharrachadh, mar eisimpleir font no dath. Nuair a ni sibh cliog air Settings, b’fhiach tuairsgeul ghoirid a chur a-staigh ag innse carson a tha am Blog. Fo Settings, tha Formatting – seo far am faodar an t-àm atharrachadh (mar a nochdas e air an duilleig). Fo Comments, faodadh sibh Who can Comment atharrachadh. Chanainn gum biodh e sàbhailte gu leòr Anyone a chuir an seo ach feumaidh sibh fhèin beachdachadh air seo. Fo Permissions ‘s urrain dhuibh innse co aig tha cead teachdaireachdan ùra a chruthachadh. [Dà diofar rud:  Teachdaireachd (post) a’ sgriobhadh  Beachd (comment) a’ sgrìobhadh ] 2 Morag NicDhòmhnaill, Gàidhlig Air-loidhne 18 an t-Ogmhios, 2007 CO-LABHAIRT AIRSON TIDSEARAN URA ‘S e an dòigh as fhasa do tidsearan Blog a chleachdadh, shaoilinn, na teachdaireachdan a thaidhpeadh sibh fhèin agus cothrom a thoirt do na sgoilearan beachd a thaidhpeadh. Mar eisimpleir, dh’fhaodadh sibh teachdaireachd a thaidhpeadh agus innse dhaibh dè’n obair a th’aca ri dheanamh – ‘s dòcha leabhar a leughadh agus beachdan a thoirt air – agus dh’fhaodadh na sgoilearan am beachdan a thoirt seachad air a’ Bhlog seach ann an leabharsgrìobhaidh. Tha e comasach dealbhan a chur suas air Blog ach chan eil fuaim (ag an ìre seo). ACH, faic: http://podomatic.com/, http://podcast.com/, http://www.reallifelog.com/ 3 Morag NicDhòmhnaill, Gàidhlig Air-loidhne